Catherine-Ann MacPhee все тексты (слова) песен, переводы, видео, клипы
Canan Nan GaidhealCha b' e sneachda 'san reòthadh bho thuath
Cha b'e crannadh geur fuar bho'n ear
Cha b'e uisge 'san gailleon bho'n iar
Ach an galair a blen bho'n deas
Blàth, duilleach stoc agus freumh
Cànan mo threubh 's mo shluaidh.
Séist
Nuair Bha Mi OgMoch 's mi 'g éirigh air bheagan éislein,
Air maidinn Chéitein 's mi ann an Os,
Bha spréidh ag géumnaich an ceann a chéile,
'S a' ghrian ag éirigh air Leac an Stòir;
Bha gath a' bòillsgeadh air slios nam beanntan,
Cur tuar na h-òidhche na dheann fo sgòd,
Is os mo chionn sheinn an uiseag ghreannar,
Toirt na mo chuimhne 'n uair bha mi òg.